Fìrinn spioradail • spirituell.karma-hilfe.de

Fìrinn spioradail • Ceistean Àbhaisteach

 

leabhar bho ERITON • Gàidhlig

 
Fìrinn spioradail • gd - Gàidhlig • spirituell.karma-hilfe.de     gd • Gàidhlig  Deutsch |  English |  Gàidhlig |  Svenska |  Nederlands |  עברית 

An tadhal mu dheireadh agad: Dih 19. Gib 2024, 10:52 ’S e Dih 19. Gib 2024, 10:52 an tìde an-dràsta


Ceistean Àbhaisteach
Trioblaidean le clàradh ⁊ logadh a-steach
Carson nach urrainn dhomh logadh a-steach?
Carson a dh’fheumas mi clàradh sa chiad dol a-mach?
Carson a thèid mo logadh a-mach gu fèin-obrachail?
Ciamar a chumas mi m’ fhar-ainm far na liostaichean cò tha air loidhne?
Chaill mi am facal-faire agam!
Rinn mi clàradh ach chan urrainn dhomh logadh a-steach!
Chlàraich mi o chionn greis ach chan urrainn dhomh logadh a-steach tuilleadh?!
Dè th’ ann an COPPA?
Carson nach urrainn dhomh clàradh?
Dè nì “Sguab às gach briosgaid a’ bhùird”?

Roghainnean ⁊ Gnìomhan nam ball
Ciamar a dh’atharraicheas mi na roghainnean agam?
Tha na h‑amannan cearr!
Tha mi air an roinn-tìde atharrachadh agus tha na h‑ammanan cearr fhathast!
Chan fhaigh mi an cànan agam air an liosta!
Ciamar a sheallas mi dealbh fo m’ fhar-ainm?
Dè an rang agam agus ciamar a dh’atharraicheas mi e?
Nuair a thèid mi air ceangal gu post-d buill, carson a thèid iarraidh orm gun log mi a-steach?

A’ sgrìobhadh postaichean
Ciamar a chruthaicheas mi cuspair ann am fòram?
Ciamar a dheasaicheas mi post no sguabas mi às?
Ciamar a chuireas mi earr-sgrìobhadh ris a’ phost agam?
Ciamar a chruthaicheas mi cunntas-bheachd?
Carson nach urrainn dhomh barrachd roghainnean a chur ri cunntas-bheachd?
Ciamar a dheasaicheas mi cunntas-bheachd no sguabas mi às?
Carson nach fhaigh mi a-steach a dh’fhòram?
Carson nach urrainn dhomh ceanglachan a chur ri post?
Carson a fhuair mi rabhadh?
Ciamar nì mi gearan mu phost?
Dè as fheum air a’ phutan “Sàbhail dreachd” nuair a sgrìobhas mi post?
Carson a tha aontachadh a dhìth air a’ phost agam?
Ciamar a bhreabas mi an cuspair agam?

Fòrmatadh ⁊ seòrsaichean cuspair
Dè a tha sa BBCode?
An urrainn dhomh HTML a chleachdadh?
Dè tha sna samhlaidhean-gnùis?
An urrainn dhomh dealbhan a chur ris na postaichean agam?
Dè th’ ann an lèir-bhrath?
Dè th’ ann am brath?
Dè th’ ann am fleodrainn?
Dè th’ ann an cuspair glaiste?
Dè th’ ann an ìomhaigheag cuspair?

Rangan nam ball ⁊ buidhnean
Cò tha sna rianairean?
Cò tha sna maoir?
Dè th’ ann am buidheann?
Càite a bheil na buidhnean agus ciamar a gheibh mi ballrachd?
Ciamar a thèid mi nam cheannard buidhinn?
Carson a tha dàth sònraichte air cuid dhe na buidhnean?
Dè th’ ann am “bun-bhuidheann”?
Dè th’ ann an ceangal “An sgioba”?

Teachaireachdan pearsanta
Chan urrainn dhomh teachdaireachdan pearsanta a chur!
Gheibh mi teachdaireachdan pearsanta nach eil mi ag iarraidh!
Fhuair mi post-d le droch-chainnt no spama o chuideigin air a’ bhòrd seo!

Caraidean ⁊ eascaraidean
Dè th’ ann an liostaichean charaidean ⁊ eascaraidean agam?
Ciamar a chuireas mi buill ri no far liosta nan caraidean no eascaraidean agam?

A’ lorg sna fòraman
Ciamar a lorgas mi ann am fòram no fòraman?
Carson nach fhaigh mi toraidhean airson na lorg mi?
Carson nach fhaigh mi ach duilleag bàn airson na lorg mi!?
Ciamar a lorgas mi buill?
Ciamar a lorgas mi na cuspairean is postaichean agam fhèin?

A’ cumail sùil air cuspairean ⁊ comharran-leabhair
Dè an diofar eadar sùil a chumail air cuspair agus comharra-leabhair?
Ciamar a chumas mi sùil air cuspairean no fòraman sònraichte?
Ciamar a sguireas mi de chumail sùil air cuspair no fòram?

Ceanglachain
Dè na seòrsaichean ceanglachain a tha ceadaichte air a’ bhùird seo?
Ciamar a lorgas mi liosta shlàn de na ceanglachain agam?

Cùisean phpBB 3
Cò sgrìobh am bòrd-brath seo?
Carson nach eil am feart X ri fhaighinn?
Cò dha a chuireas mi fios mu chùisean laghail no droch-chainnt co-cheangailte ris a’ bhòrd seo?

 

Trioblaidean le clàradh ⁊ logadh a-steach

» Carson nach urrainn dhomh logadh a-steach?
’S urrainn dhan trioblaid seo a nochdadh air adhbharan diofraichte. Air an darna làimh, dèan cinnteach gun do chleachd thu am far-ainm agus am facal-faire ceart. Ma chleachd, cuir fios gu rianaire a’ bhùird gus faighinn a-mach nach deach do thoirmeasg. ’S mathaid gun do rinn rianaire mearachd rian-coimpiutair a dh’fheumas e fhèin a chàradh.

Ceann na duilleige

» Carson a dh’fheumas mi clàradh sa chiad dol a-mach?
’S mathaid nach fheum, tha seo a’ crochadh air roghainnean a rinn an rianaire ma tha agad ri clàradh mus urrainn dhut post a sgrìobhadh. Gheibh thu cothrom air barrachd feartan a leithid avatar, teachdaireachdan persanta, post-d gu buill eile, a’ dol ’nad bhall ann am buidheann, agus msaa. Cha leig thu leas ach greiseag a chur seachad airson clàradh agus mholamaid gun dèan thu seo.

Ceann na duilleige

» Carson a thèid mo logadh a-mach gu fèin-obrachail?
Mur cuir thu cromag ann am bogsa Log a-steach mi gu fèin-obrachail gach turas a bhios mi an-seo nuair a logas tu a-steach, cha chum am bòrd-brath logte a-steach thu ach airson ùine ro-shuidhichte. Cuiridh seo bacadh air mì-chleachdadh a’ chunntais agad. Ma tha thu airson ’s nach dèid do logadh a-mach, cuir cromag sa bhogsa aig an àm a bhios tu a’ logadh a-steach. Cha mholamaid seo idir ma tha thu a’ co-phàirteachadh an coimpiutair agad le daoine eile, m.e. ann an leabharlann, cafaidh eadar-lìn, complann oilthigh, agus msaa. Mur faic thu am bogsa-cromaige seo, is ciall dha seo gun do chuir an rianaire am feart seo à comas.

Ceann na duilleige

» Ciamar a chumas mi m’ fhar-ainm far na liostaichean cò tha air loidhne?
Rach gu “Gnìomhairean nam ball” is “Roghainnean a’ bhùird” is chì thu an roghainn Cuir m’ inbhe air loidhne am falach. Cuir an roghainn seo air le Seadh agus chan fhaic duine sam bith thu ach na rianairean, na maoir agus thu fhèin. Thèid do chunntadh nad bhall falaichte.

Ceann na duilleige

» Chaill mi am facal-faire agam!
Air do shocair! Ged nach gabh am facal-faire agad fhaighinn on stòr-dàta, gheibh thu fear ùr gun trioblaid sam bith. Rach dhan duilleag logaidh a-steach agus tagh Dhìochuimhnich mi am facal-faire agam. Lean air a’ mhìneachadh is nach fhada gus am faigh thu a-steach a-rithist.

Ceann na duilleige

» Rinn mi clàradh ach chan urrainn dhomh logadh a-steach!
Air a’ chiad dol a-mach, dearbh am far-ainm is am facal-faire agad. Ma tha iad ceart, ’s dòcha gu bheil aon dhen dà rud a leanas a’ tachairt: Ma tha taic COPPA an comas is ma shònraich thu gu bheil thu nas òige na 13 bliadhna a dh’aois nuair a rinn thu clàradh, feumaidh tu leantainn air adhart leis na mìneachaidhean a fhuair thu. A bharrachd air sin, tha bùird-brath ann far am feum an cunntas agad a bhith air a ghnìomhachadh le rianaire air neo leatsa fhèin mus urrainn dhut logadh a-steach; fhuair thu fiosrachadh mu seo nuair a chlàraich thu. Ma fhuair thu post-d, lean air adhart leis na mìneachaidhean ann. Mur d’ fhuair thu post-d, ’s dòcha gun do shònraich thu seòladh post-d cearr air neo gun deach a ghlacadh le criathrag spama. Ma tha thu cinnteach gun do shònraich thu an seòladh post-d mar bu chòir, feuch an cuir thu fios gu rianaire.

Ceann na duilleige

» Chlàraich mi o chionn greis ach chan urrainn dhomh logadh a-steach tuilleadh?!
’S mathaid gun do chuir rianaire an cunntas agad à gnìomh air neo gun do sguab e às air adhbhar air choreigin. A bharrachd air sin, sguabaidh mòran bhòrd-bhrath às buill nach eil air sgrìobhadh o chionn fhada gus meud an stòr-dàta a chumail beag. Ma thachair seo, feuch gun clàraich thu a-rithist is gun gabh thu pàirt sna deasbadan nas cunbhalaiche.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann an COPPA?
’S e lagha sna Stàitean Aonaichte a th’ ann an COPPA, no Child Online Privacy and Protection Act o 1998, a dh’iarras do làraichean-lìn a bhios comasach air fiosrachadh a chruinneachadh mu mhion-aoisich a tha nas òige na 13 bliadhna a dh’aois aontachadh sgrìobhte fhaighinn o am pàrantan air neoho seòrsa eile de neach-dìona laghail a cheadaicheas cruinneachadh fiosrachaidh leis a ghabhas cuideigin aithneachadh bho mhion-aoiseach fo 13 bliadhna a dh’aois. Ma tha thu mì-chinnteach co dhiubh a bhuineas seo riut no nach buin nuair a nì thu clàradh, faigh taic o neach-lagha mu dheidhinn. Thoir an aire nach urrainn do phpBB Group stiùireadh laghail a thoirt dhut agus chan eil e freagarrach ceistean a thoirt dhaibh mu chùisean laghail sam bith seach ann an dòigh a thathar a’ mìneachadh gu h‑ìseal.

Ceann na duilleige

» Carson nach urrainn dhomh clàradh?
’S mathaid gun deach an seòladh IP agad a thoirmeasg leis an rianaire air neo nach eil am far-ainm a tha thu a’ feuchainn ri clàradh ceadaichte. A bharrachd air sin, ’s dòcha gun do chuir an rianaire clàradh à comas gus nach fhaigh buill ùra sam bith a-steach. Cuir fios gu rianaire airson taice.

Ceann na duilleige

» Dè nì “Sguab às gach briosgaid a’ bhùird”?
Sguabaidh “Sguab às gach briosgaid a’ bhùird” às na briosgaidean a chaidh a chruthachadh le phpBB ach am mair an logadh a-steach agad air a’ bhùird-bhrath. A bharrachd air sin, bheir na briosgaidean seachad feartan mar cuimhneachadh dè na postaichean a tha thu air leughadh ma chuir an rianaire an comas iad. Ma tha trioblaidean agad le logadh a-steach no a-mach, ’s mathaid gun ghabh seo a chàradh le sguabadh às nam briosgaidean.

Ceann na duilleige


Roghainnean ⁊ Gnìomhan nam ball

» Ciamar a dh’atharraicheas mi na roghainnean agam?
Ma tha thu nad bhall clàraichte, thèid na h‑uile roghainn agad a chumail ann an stòr-dàta a’ bhùird. Rach gu “Gnìomhan nam ball” gus an atharrachadh; gheibh thu ceangal air an son aig ceann na duilleige mar as trice. Faodaidh tu na h‑uile roghainn agad atharrachadh an-siud.

Ceann na duilleige

» Tha na h‑amannan cearr!
’S mathaid gun dèid àm a shealltainn nach eil a’ freagairt ris an roinn-tìde sa bheil thu. Mas e seo a tha a’ tachairt, rach gu “Gnìomhan nam ball” – “Roghainnean a’ bhùird” agus tagh an roinn-tìde a fhreagras ris an àite far a bheil thu, m.e. Lunnainn, Paras, Nuadh Eabhrach, Sidni, agus msaa. Thoir an aire nach urrainn dhut an roghainn seo atharrachadh – a leithid cheudna leis a’ mhòrchuid de na roghainnean eile – mur eil thu nad bhall clàraichte. Mur eil thu air do chlàradh fhathast, seo deagh àm gus seo a dhèanamh.

Ceann na duilleige

» Tha mi air an roinn-tìde atharrachadh agus tha na h‑ammanan cearr fhathast!
Ma tha thu cinnteach gun do thagh thu an roinn-tìde agad agus tìde samhraidh/DST gu ceart agus ma tha na h‑amannan cearr fhathast, tha tìde gleoc an fhrithealaiche cearr. Cuir fios gu rianaire ach an cuir esan gu ceart e.

Ceann na duilleige

» Chan fhaigh mi an cànan agam air an liosta!
Cha do stàlaich rianaire an cànan agad air neo cha deach am bòrd seo eadar-theangachadh gun chànan agad. Feuch iarraidh dhan rianaire pacaid a’ chànain a tha a dhìth ort a stàladh. Mur eil pacaid a’ chànain agad ri fhaighinn, faodaidh tu fhèin eadar-theangachadh a dhèanamh ma thogras tu. Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn air làrach-lìn phpBB (faic an ceangal aig bonn duilleagan a’ bhùird).

Ceann na duilleige

» Ciamar a sheallas mi dealbh fo m’ fhar-ainm?
Tha dà dhealbh ann as urrainn nochdadh fo fhar-ainm nuair a choimheadas tu air postaichean. A-rèir stoidhle a’ bhùird a chleachdas tu, ’s mathaid gur e dealbh co-cheangailte ris an rang agad a tha san dàrna fear, mar as trice ann an cruth rionnagan, bhogsaichean neo phuingean, a riochdaicheas co mheud postaichean a tha thu air sgrìobhadh air neo dè an rang a th’ agad air a’ bhùird. ’S e dealbh as motha a tha san fhear eile mar as trice agus canar avatar ris. ’S e dealbh sònraichte a bhuineas ri gach ball gu pearsanta a th’ ann an avatar. Tha e a’ crochadh air rianaire a’ bhùird co dhiubh a bheil avataran ann no nach eil agus dè an dòigh sam faigh thu iad. Mur urrainn dhut avatar a chleachdadh, ’s urrainn dhut fios a chur gu rianaire gus faighneachd carson.

Ceann na duilleige

» Dè an rang agam agus ciamar a dh’atharraicheas mi e?
Nochdaidh rangan fo fhar-ainmean agus riochdaichidh iad co mheud post a tha thu air sgrìobhadh air neo suaicheantas buill sònraichte, m.e. maoir agus rianairean. San fharsaingeachd, chan urrainn dhut fhèin briathran raing sam bith atharrachadh air a’ bhòrd o chionn ’s gun stèidhichidh rianaire a’ bhùird iad. Na dèan mì-chleachdadh a’ bhùird a’ sgrìobhadh postaichean gun fheum a dh’aona-ghnothach gus an rang agad a mheudachadh. Chan fhulaing a’ mhòrchuid de bhùird e agus nì maor no rianaire lughdachadh àireamh nam postaichean agad gu simplidh.

Ceann na duilleige

» Nuair a thèid mi air ceangal gu post-d buill, carson a thèid iarraidh orm gun log mi a-steach?
Chan fhaod ach buill clàraichte post-d a chur gu buill eile tro fhoirm post-d a’ bhùird fhèin agus chan fhaodar seo a dhèanamh idir mur an do chuir an rianaire am feart seo an comas. Tha na cuingeachaidhean seo ann gus bacadh a chur air mì-chleachdadh puist-d le luchd-tadhail neo-ainmichte.

Ceann na duilleige


A’ sgrìobhadh postaichean

» Ciamar a chruthaicheas mi cuspair ann am fòram?
Brùth air a’ phutan iomchaidh air duilleag fòraim air neo duilleag cuspair gus cuspair ùr a chruthachadh ann am fòram. ’S mathaid gum bi agad ri clàradh mus urrainn dhut postaichean a sgrìobhadh. Chì thu liosta nan ceadan a th’ agad anns gach fòram air bonn duilleag fòraim no cuspair: “’S urrainn dhut postaichean ùra a chruthachadh san fhòram seo”, “’S urrainn dhut freagairt ri cuspairean san fhòram seo”, agus msaa., mar eisimpleir.

Ceann na duilleige

» Ciamar a dheasaicheas mi post no sguabas mi às?
Mur eil thu nad rianaire no maor, chan fhaod thu ach na postaichean agad fhèin a dheasachadh no a chur às. Airson post a dheasachadh, brùth air a’ phutan “Deasaich” aig a’ phost sin; ’s mathaid nach eil am putan seo ri fhaighinn ach greis sònraichte an dèidh an t‑àm a sgrìobh thu am post. Ma tha cuideigin air freagairt am post agad mu thràth, nuair a thilleas tu dhan chuspair chì thu teacsa beag aig bonn a’ phuist agad a mhìnicheas co mheud turas a chaidh a dheasachadh le ceann-là is ùine ’na chois. Cha nochd seo ach nuair a bhios cuideigin air freagairt agus mur an deach a dheasachadh le rianaire no maor ged as urrainn dhaibhsan teachdaireachd fhàgail carson a dheasaich iad am post ma thogras iad. Thoir an aire nach urrainn dho bhuill chumanta post a sguabadh às ma fhreagair cuideigin mu thràth.

Ceann na duilleige

» Ciamar a chuireas mi earr-sgrìobhadh ris a’ phost agam?
Gus earr-sgrìobhadh a chur ris na postaichean agad, feumaidh tu fear a chruthachadh an toiseach ann an “Gnìomhan nam ball”. Nuair a tha thu air fear a chruthachadh, cuir cromag ann am bogsa Cuir earr-sgrìobhadh ris nuair a bhios tu a’ sgrìobhadh post gus an t‑earr-sgrìobhadh agad a chur ris. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut earr-sgrìobhadh a chur ris na postaichean agad a ghnàth. Dèan taghadh leis a’ phutan-rèidio iomchaidh ann an “Roghainnean a’ bhùird” gus seo a dhèanamh. Ma rinn thu seo, faodaidh tu bacadh a chur air earr-sgrìobhaidh fhathast nuair a sgrìobhas tu post ma bheir thu an cromag air falbh on bhogsa-chromaige.

Ceann na duilleige

» Ciamar a chruthaicheas mi cunntas-bheachd?
Nuair a chruthaicheas tu cuspair ùr air neo a dheasaicheas tu a’ chiad phost ann an cuspair, tagh an taba “Cruthaich cunntas-bheachd” fon uinneag-sgrìobhaidh; mur faic thu seo chan eil na ceadan iomchaidh agad gus cunntas-bheachd a chruthachadh. Sònraich tiotal is dà roghainn air a char as lugha ’s dèan cinnteach gu bheil gach roghainn ann an loidhne fa leth san raon teacsa. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut àireamh nan roghainnean a dh’fhaodas gach ball a thaghadh nuair a bhòtas e a shònrachadh fo “Roghainnean a’ buill”. Cuideachd, ’s urrainn dhut cuingeachadh ùine a thaghadh (bidh 0 gun chuingeachadh) is co mheud turas a dh’fhaodas buill na roghainnean aca atharrachadh.

Ceann na duilleige

» Carson nach urrainn dhomh barrachd roghainnean a chur ri cunntas-bheachd?
Suidhichidh rianaire a’ bhùird cuingeachadh nan roghainnean ann an cunntas-bheachd. Ma tha thu dhen bheachd gu bheil feum agad air barrachd roghainnean na tha ceadaichte, cuir fios gu rianaire a’ bhùird.

Ceann na duilleige

» Ciamar a dheasaicheas mi cunntas-bheachd no sguabas mi às?
Mar phost, cha ghabh cunntas-bheachd deasachadh ach le ùghdar, maor no rianaire. Gus cunntas-bheachd a dheasachadh, deasaich a’ chiad phost aig a’ chuspair; bi an cunntas-bheachd an-còmhnaidh co-cheangailte ris. Mura deach a bhòtadh fhathast, faodaidh buill roghainn sam bith a’ chunntais-bheachd a dheasachadh no a sguabadh às. Co-dhiù, ma chaidh bhòtadh mar-thà, chan fhaod ach maoir is rianairean a dheasachadh no sguabadh às. Cuiridh seo bacadh air atharrachadh nan roghainnean air leth-shlighe nuair a bhios an cunntas-bheachd air a thòiseachadh mar-thà.

Ceann na duilleige

» Carson nach fhaigh mi a-steach a dh’fhòram?
’S mathaid nach fhaigh a-steach dhan fhòram a tha thu ag iarraidh ach buill no buidhnean sònraichte. ’S mathaid gu bheil ceadan sònraichte a dhìth ort gus am fòram a shealltainn, postaichean a leughadh no a sgrìobhadh no dad sam bith eile a dhèanamh. Cuir fios gu maor no rianaire ma tha thu airson cead iarraidh.

Ceann na duilleige

» Carson nach urrainn dhomh ceanglachan a chur ri post?
Bheir na rianairean seachad ceadan sònraichte a thaobh cheanglachan airson gach fòram, buidheann no ball. ’S dòcha nach dug an rianaire cead do bhall sam bith ceanglachan a chur ri post san fòram shònraichte far a bheil thu a’ sgrìobhadh air neo chan fhaod ach buidhnean no buill sònraichte ceanglachan a chur ris na postaichean aca. Cuir fios gu rianaire a’ bhùird ma tha thu mì-chinnteach carson nach urrainn dhut ceanglachan a chur ris na postaichean agad.

Ceann na duilleige

» Carson a fhuair mi rabhadh?
Tha riaghailtean sònraichte aig gach rianaire bùird air an làrach-lìn aige. Ma tha thu air riaghailt a bhriseadh, ’s mathaid gum faigh thu rabhadh. Thoir an aire gur e co-dhùnadh an rianaire a th’ ann seo ’s nach eil gnothach aig phpBB Group ri rabhaidhean air an làrach-lìn seo ann an dòigh sam bith. Cuir fios gu rianaire a’ bhùird ma tha thu mì-chinnteach carson a fhuair thu rabhadh.

Ceann na duilleige

» Ciamar nì mi gearan mu phost?
Ma thug rianaire a’ bhùird cead seachad air a shon, thèid putan a shealltainn dhut gus gearan a dhèanamh leis an dearbh phost seo. Cleachd am putan seo agus lean air adhart leis na mìneachaidhean na chois.

Ceann na duilleige

» Dè as fheum air a’ phutan “Sàbhail dreachd” nuair a sgrìobhas mi post?
Bheir seo cothrom dhut na tha thu a’ sgrìobhadh a shàbhaladh is a’ leantainn air adhart uair sam bith eile. Gus na shàbhail thu fhaighinn, rach gu taba “Foir-shealladh” ann an “Gnìomhan nam ball” is tagh “Dreachdan”.

Ceann na duilleige

» Carson a tha aontachadh a dhìth air a’ phost agam?
Rinn rianaire a’ bhùird an co-dhùnadh gum bi sgrùdadh a dhìth air gach post san fhòram far a bheil thu a’ sgrìobhadh mus dèid fhoillseachadh. A bharrachd air sin, ’s mathaid gun do chuir an rianaire thu ann am buidheann far an dèid gach post a sgrùdadh mus dèid fhoillseachadh. Faodaidh tu barrachd fiosrachaidh iarraidh on rianaire.

Ceann na duilleige

» Ciamar a bhreabas mi an cuspair agam?
Nuair a sheallas tu air cuspair, ’s urrainn dhut ceangal “Breab an cuspair seo” a chleachdadh gus an cuspair agad a “bhreabadh” gu ceann ciad duilleag an fhòraim. Co-dhiù, mur faic thu an ceangal seo, ’s mathaid nach eil am feart seo an comas air neo gu bheil e ro thràth an dèidh an ama a sgrìobh cuideigin sa chuspair no a chaidh a bhreabadh an turas mu dheireadh. ’S e dòigh eile airson breabaidh a th’ ann a bhith a’ sgrìobhadh post ùr sa chuspair. Bi faiceallach co-dhiù gu bheil thu a’ freagairt ri riaghailtean a’ bhùird ma nì thu seo.

Ceann na duilleige


Fòrmatadh ⁊ seòrsaichean cuspair

» Dè a tha sa BBCode?
’S e tionndadh sònraichte de HTML a tha sa BBCode a bheir smachd mhionaideach dhut air fòrmatadh phàirtean dhe na postaichean agad. Cuiridh an rianaire roimhe co-dhiù an urrainn dhut BBCode a chleachdadh sna postaichean agad air a’ bhùird-bhrath gus nach urrainn. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut fhèin taghadh an cleachd thu BBCode gus nach cleachd nuair a sgrìobhas tu post sònraichte. Tha BBCode fhèin coltach ri HTML, tha camagan ceàrnach [ agus ] mu na tagaichean seach < agus >. Gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu BBCode, seall air an treòraiche a gheibh thu air an duilleag sgrìobhaidh.

Ceann na duilleige

» An urrainn dhomh HTML a chleachdadh?
Chan urrainn. Cha ghabh HTML a sgrìobhadh air a’ bhùird seo gus a nochdadh e air a reandaradh mar HTML. Gheibh thu a’ mhòr chuid dhen fhòrmatadh a bhiodh tu a’ dèanamh le HTML nuair a chleachdas tu BBCode an àite seo.

Ceann na duilleige

» Dè tha sna samhlaidhean-gnùis?
’S e dealbhan beaga a tha sna samhlaidhean-gnùis as urrainn dhut cleachdadh gus faireachdainnean a riochdachadh. Cleachdaidh tu còd goirid air an son, m.e. riochdaichidh :) toilichte is :( brònach agus msaa. Chì thu liosta shlàn dhe na samhlaidhean-gnùis air an duilleig sgrìobhaidh. Co-dhiù, feuch nach cleachd thu cus dhaibh air sgàth ’s gu bheil an cunnart ann gum fàs am post agad doirbh ri leughadh is ’s mathaid gun deasaich maor am post agad gus an cur air falbh air neo sguabaidh e am post às gu tur. A bharrachd air sin, ’s dòcha gun do chuingich rianaire a’ bhùird co mheud samhla-gnùis as urrainn dhut cleachdadh anns gach post.

Ceann na duilleige

» An urrainn dhomh dealbhan a chur ris na postaichean agam?
’S urrainn. Ma thug an rianaire cead seachad gus ceanglachain a chleachdadh, ’s urrainn dhut an dealbh a luchdadh suas dhan bhòrd fhèin. Mura dug, feumaidh tu ceangal a dhèanamh ri dealbh a tha ri fhaighinn gu poblach air an eadar-lìn mar-thà, m.e. https://www.eisimpleir.co.uk/an-dealbh-agam.gif. Cha ghabh ceangal a dhèanamh ri dealbh a tha air a’ choimpiutair agad fhèin (mur e frithealaiche poblach a th’ ann) air neo ri dealbhan far a iarrar logadh a-steach, m.e. bogsa-puist hotmail no yahoo, làraichean-lìn a tha gan dìon le facal-faire, agus msaa. Cleachd taga BBCode [img] gus an dealbh a shealltainn.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann an lèir-bhrath?
Gheibh thu fiosrachadh cudromach sna lèir-bhrathan is bu chòir dhut an leughadh ma ghabhas seo dèanamh idir. Nochdaidh iad air ceann na duilleige anns gach fòram is ann an “Grìomhan nam ball”. Bidh ceadan a thaobh lèir-bhrathan fo smachd rianaire a’ bhùird.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann am brath?
Mar as trice, gheibh thu fiosrachadh cudromach mun fhòram a tha thu a’ leughadh ann am brath is bu chòir dhut a leughadh ma ghabhas seo dèanamh idir. Nochdaidh brathan air ceann gach duilleag an fhòraim ris a bhuineas iad. Co-ionnan ri lèir-bhrathan, bidh ceadan a thaobh brathan fo smachd rianaire a’ bhùird.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann am fleodrainn?
Nochdaidh fleodrainnean fo bhrathan air fòram is air a’ chiad duilleag a-mhàin. Mar as trice, bidh iad cudromach is bu chòir dhut an leughadh ma ghabhas seo dèanamh idir. Co-ionnan ri brathan is lèir-bhrathan, bidh ceadan a thaobh fhleodrainnean fo smachd rianaire a’ bhùird.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann an cuspair glaiste?
Nuair a tha cuspair air a ghlasadh, chan fhaod buill freagairt is ma tha cunntas-bheachd co-cheangailte ris, thàinig e gu crìoch gu fèin-obrachail. Tha iomadach adhbhar ann carson a rachadh cuspair a ghlasadh is mar as trice ’s e maor no rianaire a ghlais e. Tha e a’ crochadh air na ceadan a thug rianaire a’ bhùird dhut am faod thu na cuspairean agad fhèin a ghlasadh gus nach fhaod.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann an ìomhaigheag cuspair?
’S e dealbh a thagh ùghdar a chuspair gus an seòrsa susbaint nam postaichean a riochdachadh a th’ ann an ìomhaigheag cuspair. Tha e a crochadh air na ceadan a thug rianaire a’ bhùird dhut am faod thu dealbh a’ chuspair a thaghadh gus nach fhaod.

Ceann na duilleige


Rangan nam ball ⁊ buidhnean

» Cò tha sna rianairean?
Is na rianairean na buill aig a bheil smachd as motha air a’ bhùird gu lèir. Riaghlaidh iad a h‑uile rud co-cheangailte ri rianachd a’ bhùird, a’ gabhail a-steach ceadan, toirmeasg bhall, cruthachadh bhuidhnean is maoir agus msaa. Tha nas urrainn dhaibh dèanamh a’ crochadh air na ceadan a thug bun-rianaire a’ bhùird dhaibh. ’S mathaid gu bheil iad nam maor sna h‑uile fòram, a leithid cheudna a’ crochadh air na ceadan a thug bun-rianaire a’ bhùird dhaibh.

Ceann na duilleige

» Cò tha sna maoir?
Is na maoir daoine air neo buidhnean de dhaoine a bheir an aire dha na fòraman gu làitheil. Sna fòraman far a bheil iad nam maor, tha comas aca postaichean a dheasachadh no a sguabadh às is cuspairean a ghlasadh, a ghluasad, a roinn no a sguabadh às. San fharsaingeachd, is an dleastanas aca bacadh a chur air postaichean a bhios air an ràmh chearr air neo sa bheil droch-chainnt no oilbheum.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann am buidheann?
’S e buidheann de bhuill a th’ ann am buidheann a sheòrsaicheas coimhearsnachd a’ bhùird ann an roinnean gus am bi e nas fhasa dha na rianairean dèiligeadh riutha. Faodaidh gach ball buntainn ri barrachd air aon bhuidheann is ’s urrainnear ceadan sònraichte a thoirt dha gach buidheann. ’S e dòigh furasta a th’ ann dha na rianairean gus ceadan aig grunn bhall atharrachadh aig an aon àm a leithid ceadan maoir no ceadan inntrigidh gu fòram sònraichte.

Ceann na duilleige

» Càite a bheil na buidhnean agus ciamar a gheibh mi ballrachd?
Chì thu na h‑uile buidheann ann an taba “Buidhnean” ann an “Gnìomhan nam ball”. Ma tha thu airson ballrachd fhaighinn ann am buidheann, tagh am putan-rèidio iomchaidh is “Cuir a-null”. Co-dhiù, chan eil inntrigeadh fosgailte aig a h‑uile buidheann. Feumaidh ceannard a’ bhuidhinn aontachadh airson cuid dhaibh is ’s mathaid gu bheil am buidheann dùinte air neo fiù ’s falaichte. Mas e buidheann fosgailte a th’ ann, gheibh thu ballrachd cho luath ’s a thaghas tu am putan iomchaidh. Nuair a bhios aontachadh a dhìth ort airson ballrachd fhaighinn, ’s urrainn dhut seo iarraidh a leithid cheudna leis a’ phutan iomchaidh. Feumaidh ceannard a’ bhuidhinn aontachadh ris an iarrtas agad is ’s mathaid gun iarr e ort mìneachadh carson a tha thu airson ballrachd fhaighinn. Na sàraich ceannard a’ bhuidhinn ma tha e air an iarrtas agad a dhiùltadh, bidh adhbhar aige airson an diùltaidh.

Ceann na duilleige

» Ciamar a thèid mi nam cheannard buidhinn?
Mar as trice, thèid ceannard buidhinn a thaghadh nuair a chruthaicheas rianaire a’ bhùird e. Ma tha ùidh agad ann an cruthachadh buidhinn, bu chòir dhut fios a chur gu rianaire sa chiad dol a-mach. Feuch gun cuir thu teachdaireachd phearsanta thuige.

Ceann na duilleige

» Carson a tha dàth sònraichte air cuid dhe na buidhnean?
’S urrainn do rianaire a’ bhùird dath sònraichte a chur air buill buidhinn gus am bi iad nas fhasa ri aithneachadh mar bhuill dhen bhuidheann ud.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann am “bun-bhuidheann”?
Ma tha thu nad bhall ann am barrachd air aon bhuidheann, sònraichidh am bun-bhuidheann agad dè an rang a th’ agad is dè an dath a thèid a chleachdadh air do shon. ’S mathaid gun dug rianaire a’ bhùird cead dhut am bun-bhuidheann agad atharrachadh ann an “Gnìomhan nam ball” agad.

Ceann na duilleige

» Dè th’ ann an ceangal “An sgioba”?
Gheibh thu fiosrachadh mu sgioba a’ bhùird air an duilleag seo, a’ gabhail a-steach liosta rianairean a’ bhùird is nam maoir le fiosrachadh na cois a leithid dè na fòraman ris a’ dhèiligeas iad.

Ceann na duilleige


Teachaireachdan pearsanta

» Chan urrainn dhomh teachdaireachdan pearsanta a chur!
Tha trì adhbharan ann carson a thachradh seo: chan eil thu air clàradh no logadh a-steach, chuir rianaire a’ bhùird teachdaireachdan pearsanta à comas airson a’ bhùird gu lèir air neo cha dug e cead dhut gus teachdaireachdan pearsanta a chur. Cuir fios gu rianaire a’ bhùird airson barrachd fiosrachaidh.

Ceann na duilleige

» Gheibh mi teachdaireachdan pearsanta nach eil mi ag iarraidh!
’S urrainn dhut riaghailtean a stèidheachadh ann an “Gnìomhan nam ball” a chuireas bacadh air teachdaireachdan pearsanta o bhall sònraichte. Cuir fios dha na rianairean ma gheibh thu teachdaireachdan le droch-chainnt o bhall sònraichte; ’s urrainn dhasan cead gus teachdaireachdan pearsanta a chur a thoirt air fhalbh on bhall ud.

Ceann na duilleige

» Fhuair mi post-d le droch-chainnt no spama o chuideigin air a’ bhòrd seo!
Tha sinn duilich seo a chluinntinn. Tha feartan-dìona aig feart post-d a’ bhùird seo gus buill a lorg a chuireas puist-d dhen leithid. Cuir post-d gu rianaire a’ bhùird leis a’ phost-d shlàn a fhuair thu na chois. Tha e tuilleadh is cudromach gun gabh seo a-steach na h‑uile bann-cinn a bheir seachad fiosrachadh mun bhall a chuir am post-d. ’S urrainn dhan rianaire rudeigin a dhèanamh an uairsin.

Ceann na duilleige


Caraidean ⁊ eascaraidean

» Dè th’ ann an liostaichean charaidean ⁊ eascaraidean agam?
’S urrainn dhut na liostaichean seo a chleachdach gus rian a chur air buill eile a’ bhùird. Gheibh thu na buill a tha ’nan caraidean agad ann an liosta ann an “Gnìomhan nam ball” is mar sin gheibh thu greim orra gu luath gus sealltainn a bheil iad air loidhne air neo gus teachdaireachd phearsanta a chur thuca. ’S mathaid gun dèid an soillseachadh ma chuireas stoidhle a’ bhùird taic dha seo. Ma chuireas tu ball ann an liosta nan eascaraidean agad, thèid na postaichean uile aige fhalach.

Ceann na duilleige

» Ciamar a chuireas mi buill ri no far liosta nan caraidean no eascaraidean agam?
Tha dà dhòigh ann gus ball a chur ri liosta. Nuair a sheallas tu air cunntas buill, chì thu ceangal gus a chur ri liosta nan caraidean no eascaraidean agad. Air neo thèid gu “Gnìomhan nam ball” is cuir far-ainm a’ bhuill ri liosta an-siud. Siud an àite cuideachd gus buill a thoirt far an liosta agad.

Ceann na duilleige


A’ lorg sna fòraman

» Ciamar a lorgas mi ann am fòram no fòraman?
Cuir an abairt a tha thu a’ sireadh ann am bogsa “Lorg” air clàr-innse a’ bhùird, duilleag fòraim no duilleag cuspair. Tha lorg adhartach ri fhaighinn nuair a thaghas tu an ceangal “Lorg adhartach” a nochdas air gach duilleag a’ bhùird. Tha e a’ crochadh air stoidhle a’ bhùird càite am faigh thu a-steach do dhuilleag an luirg.

Ceann na duilleige

» Carson nach fhaigh mi toraidhean airson na lorg mi?
’S dòcha nach robh an abairt a lorg thu mionaideach gu leòr air neo gun do ghabh e a-staigh cus faclan cumanta nach deach a chur ris an clàr-luirg le phpBB3. Feuch am bi thu nas mionaidiche ’s gun cleachd thu na goireasan aig an “Lorg adhartach”.

Ceann na duilleige

» Carson nach fhaigh mi ach duilleag bàn airson na lorg mi!?
Tha àireamh nan toraidhean airson na lorg thu cho àrd nach dèan am frithealaiche-lìn a’ chùis air. Feuch an cleachd thu an “Lorg adhartach” gus abairt as mionaidiche a chleachdadh is gus àireamh nam fòraman a thèid a lorg annta a chuingeachadh.

Ceann na duilleige

» Ciamar a lorgas mi buill?
Rach dhan duilleag “Buill” agus cleachd an ceangal “Lorg ball”.

Ceann na duilleige

» Ciamar a lorgas mi na cuspairean is postaichean agam fhèin?
Gheibh thu lorg air na postaichean agad fhèin an dà chuid ma thèid thu air “Seall na postaichean agam” ann an “Gnìomhan nam ball” no air “Lorg postaichean leis a’ bhall” air duilleag a’ chunntais agad. Gus na cuspairean agad a lorg, cleachd “Lorg adhartach” agus tagh na roghainnean iomchaidh.

Ceann na duilleige


A’ cumail sùil air cuspairean ⁊ comharran-leabhair

» Dè an diofar eadar sùil a chumail air cuspair agus comharra-leabhair?
Tha na comharran-leabhair aig phpBB coltach ris na comharran-leabhair aig a’ bhrabhsair agad. Chan fhaigh thu brath nuair a bhios dad as ùr ann, ach ’s urrainn dhut tilleadh dhan chuspair san àm ri teachd. Air an làimh eile, nuair a chumas tu sùil air a’ chuspair, gheibh thu brath san dòigh no dòighean a thagh thu ann an “Gnìomhan nam ball” nuair a thèid an cuspair ùrachadh.

Ceann na duilleige

» Ciamar a chumas mi sùil air cuspairean no fòraman sònraichte?
Gus sùil a chumail air fòram sònraichte, tagh an ceangal “Cum sùil air an fhòram” nuair a sheallas tu air an fhòram. Gus sùil a chumail air cuspair sònraichte, tagh am bogsa-cromaige “Cuir fios thugam nuair a thèid freagairt a sgrìobhadh ann” nuair a sgrìobhas tu freagairt sa chuspair fhèin air neo tagh an ceangal “Cum sùil air a’ chuspair” nuair a sheallas tu air a’ chuspair.

Ceann na duilleige

» Ciamar a sguireas mi de chumail sùil air cuspair no fòram?
Mur eil thu airson sùil a chumail air cuspair no fòram tuilleadh, rach gu “Gnìomhan nam ball”, tagh “Na tha mi a’ cumail sùil air”, tagh na fòraman no cuspairean iomchaidh agus tagh “Na cum sùil air tuilleadh”. A bharrachd air sin, ’s urrainn dhut “Na cum sùil air a’ chuspair / an fhòram tuilleadh” a thaghadh nuair a sheallas tu air a’ chuspair / an fhòram fhèin.

Ceann na duilleige


Ceanglachain

» Dè na seòrsaichean ceanglachain a tha ceadaichte air a’ bhùird seo?
Cuiridh rianaire a’ bhùird roimhe dè na seòrsaichean ceanglachain as urrainn dhut cleachdadh. Ma tha thu mì-chinnteach dè as urrainn dhut luchdadh suas, cuir fios gun rianaire airson taic.

Ceann na duilleige

» Ciamar a lorgas mi liosta shlàn de na ceanglachain agam?
Gus na ceanglachain a luchdaich thu suas a lorg, rach gu “Gnìomhan nam ball” is tagh “Ceanglachain”

Ceann na duilleige


Cùisean phpBB 3

» Cò sgrìobh am bòrd-brath seo?
Tha am bathar-bog seo (sa chruth gun atharrachadh) ga dhèanamh, ga fhoillseachadh agus fo chòir-lethbhreac aig phpBB Group. Tha e air a thoirt seachad fo cheadachas GNU General Public License is faodar a sgaoileadh an-asgaidh. Lean air a’ cheangal airson barrachd fiosrachaidh.

Ceann na duilleige

» Carson nach eil am feart X ri fhaighinn?
Chaidh am bathar-bog seo a sgrìobhadh is a cheadachadh le phpBB Group. Ma tha thu dhen bheachd gu bheil feart sònraichte a dhìth air, tadhail air an làrach-lìn phpBB Ideas Centre far an urrainn dhut bhòtadh airson beachdan a tha ann no feartan ùra a mholadh.

Ceann na duilleige

» Cò dha a chuireas mi fios mu chùisean laghail no droch-chainnt co-cheangailte ris a’ bhòrd seo?
Bhiodh e freagarrach dhut nan cuireadh tu fios gu aon dhe na rianairean a nochdas air liosta “An sgioba” gus gearran a thoirt a-steach. Mur faigh thu freagairt, bu chòir dhut fios a chur gu sealbhadair an àrainn (dèan lorg whois) air neo, ma tha seirbheis an-asgaidh a’ frithealadh seo (m.e. Yahoo!, free.fr, f2s.com, amsaa.), cuir fios gu luchd-stiùiridh no roinn droch-chainnt na seirbheise ud. Thoir an aire nach eil uachdranas laghail sam bith aig phpBB Group is nach eil e fo bhuailteachd ann an dòigh sam bith a thaobh ciamar, càite agus cò leis a thèid am bòrd seo a chleachdadh. Na cuir fios gu phpBB Group co-cheangailte ri cùisean laghail (cease and desist, liable, defamatory comment, agus msaa.) sam bith nach eil a’ buntainn gu dìreach ri làrach-lìn phpBB.com no ri bathar-bog phpBB fhèin. Ma chuireas tu post-d gu phpBB Group mu chleachdadh air choireigin a’ bhathair-bhuig seo le treas neach, bi an dùil gum faigh thu freagairt ghoirid air neo nach fhaigh thu freagairt sam bith idir.

Ceann na duilleige



Gearr leum gu:  


 

Wahrsagen
Hilfe bei Liebeskummer


www.miomai.de



 

Kartenlegen

Privat Kartenlegen



 


Hamburg Kartenleger




Bremerhaven |  Hamburg |  Lübeck |  Wuppertal |  Augsburg |  Freiburg |  Leverkusen |  Trier |  Ulm
Darmstadt |  Stuttgart |  Würzburg |  Heidelberg |  Bochum |  Offenbach |  Paderborn Dortmund |  Frankfurt
Mannheim |  Düsseldorf |  Wiesbaden |  Nürnberg |  Krefeld |  Duisburg |  Köln |  Aachen |  Kassel



 

information-3.de |  Mean-Fhiosrachadh  |  Fios  |  cànanan eile | 



Powered by phpBB® Forum Software © phpBB Group
Eadar-theangachadh le Akerbeltz is GunChleoc